musicas.mus.br

Letras de músicas - letra de música - letra da música - letras e cifras - letras traduzidas - letra traduzida - lyrics - paroles - lyric - canciones - ALASDAIR À GLEANNA GARADH - RACHEL WALKER - música e letra

Utilize o abecedário abaixo para abrir as páginas de letras dos artistas

A B C D E F G H I J K L M N O P Q R S T U V W X Y Z

Alasdair À Gleanna Garadh letra


Alasdair à gleanna garadh
Thug thu 'n diugh gal air mo shùilean
'S beag iongnadh mi bhith trom chreuchdach
'S gur tric gar reubadh as ùr sinn
'S deachdar dhomhsa bhith gun osnaich
'S meud an dosgaich air mo chàirdibh
Gur tric an t-eug oirnn a' gearradh
Taghadh nan darag as àirde

Chaill sinn ionann agus còmhla
Sir dòmhnall 's a mhac 's a bhràthair
Ciod e' n fàth dhuinn bhith gar gearan?
Dh' fhan mac mhic ailean 's a' bhlàr uainn
Chaill sinn darag làidir liath-ghlas
Bha cumail dìon air a chàirdean
Capull-coille bhàrr na giùthsaich
Seobhag sùil ghorm lùthmhor làidir

Bu tu ceann air cèill 's air comhairl'
Anns gach gnothach am biodh cùram
Aghaidh shoillear sholta thlachdmhor
Cridhe fial farsaing mun chùinneadh
Bu tu rogha nan sar-ghaisgeach
Ar guala thaice 's tu a b'fhiùghail
Leòmhann smiorail fearail feumail
Ceann feachda chaill seumais stiùbhairt

Bu tu 'n lasair dhearg 'gan losgadh
Bu tu sgoltadh iad gun sàiltibh
Bu tu curaidh cur a chatha
Bu tu 'n laoch gan athadh làimhe
Bu tu 'm bradan anns an fhìor-uisg
Fìreann air an eulaith 's àirde
Bu tu 'n leòmhann thar gach beathach
Bu tu damh leathan na cràice

Guidheam d' anam a bhith sàbhailte
O na chàradh anns an ùir thu
Guidheam sonas air na dh'fhàg thu
Ann ad àros 's ann ad dhùthaich
Guidheam do mhac bhith nad àite
Ann an saibhreas 's ann an cùram
Alasdair à gleanna garadh
Thug thu 'n diugh gal air mo shùilean

Rachel Walker - Letras

top 30 músicas

©2003 - 2024 - musicas.mus.br